notícias musicais

top 13 artistas

top 13 musicas

Confira a Letra Bean A' Chòtain Ruaidh

Anna Murray

Bean A' Chòtain Ruaidh

Càit an robh mo leannan boidheach
Bean a' chòtain ruaidh
An robh I cas rùisgt' air an lòn
Is driùchd an fheòir cho fuar?
No'n robh I ruith le casan beaga
Feadh nam preas 's nam bruach
Gun ghùn, gun chleòc, gun bhrèid, gun bhròig
Ach ann a còtan ruadh

Cuailean bòidheach 's fiamh an òir dheth
'S dath an ròis ad ghruaidh
Suidh leam còmhla 's nì mi òran
Air do chòtan ruadh
Tha'n còtan goirid mar is dlùth dha
Tighinn gu d'ghlùn a nuas
Ach troidh as bòidhche cha do chòmhdaich
Còta dubh no ruadh

Rìgh, beannaich 's glèidh mo leannan
'S cùm I fada buan
A dà shùil mheallach orm a' fanaid
'S a' cur car am dhuan
Nuair bhios airgead ann am phòca
Gheibh thu sròl thar chuan
Ach cha bhi sròl no sìoda dhomhsa
Mar bha'n còtan ruadh

Càit an robh mo leannan boidheach
Bean a' chòtain ruaidh
An robh I cas rùisgt' air an lòn
Is driùchd an fheòir cho fuar?
No'n robh I ruith le casan beaga
Feadh nam preas 's nam bruach
Gun ghùn, gun chleòc, gun bhrèid, gun bhròig
Ach ann a còtan ruadh

Tracker