notícias musicais

top 13 artistas

top 13 musicas

Confira a Letra Mairead Nan Cuiread

Anna Murray

Mairead Nan Cuiread

Tha mulad, tha mulad
Tha lionn-dubh orm fhèin
Hi ri hoireann o, hi ri hoireann o
Tha de mhìngean air m'aire
Ni nach aidich mo bheul
Hi ri ri ri o ho, roho hi hoireann o

Ach a mhàiread nan cuiread
'S dàna chuir thu orm breug
Hi ri hoireann o, hi ri hoireann o
Thilg thu ormsa mar aithlis
Nach b' fhuilear dhomh 'm bréid
Hi ri ri ri o ho, roho hi hoireann o

Gu robh leanabh am pasgadh
Fo asna mo chéibh
Hi ri hoireann o, hi ri hoireann o
Cuim nach ìnnseadh tu 'n fhìrinn
Mar a dh' ìnnsinn ort fhèin?
Hi ri ri ri o ho, roho hi hoireann o

Ann an làthair mo thighearn'
Far am bithinn 's tu rèidh
Hi ri hoireann o, hi ri hoireann o
Thilg thu ormsa mar dhearrais
Gu robh m' athair an éis
Hi ri ri ri o ho, roho hi hoireann o

Cha b' ionnan dha m' athair
'S dha d' athair-sa fhèin
Hi ri hoireann o, hi ri hoireann o
Cha b' ionnan dha 'n taighean
'N àm laighe don ghréin
Hi ri ri ri o ho, roho hi hoireann o

'S ann a gheibhte 'n taigh d' athar-s'
Cinn is cnàmhan an éisg
Hi ri hoireann o, hi ri hoireann o
'S ann a gheibhte 'n taigh m-athar-s'
Cinn is casan an fhéidh
Hi ri ri ri o ho, roho hi hoireann o

Tracker