notícias musicais

top 13 artistas

top 13 musicas

Confira a Letra Mo Chridhe Trom

Anna Murray

Mo Chridhe Trom

Mo chridhe trom is duilich leam
Gur muladach a tha mi
Mo chridhe briste brùit
Ach air mo shùil chan aithnich cach sin
Mo chridhe trom is duilich leam

Nuair chunnaic mis' an toiseach thu
'Nad shuidh' air stoc a' bhàta
Se còig bliadhn' deug a dh' aois bha mi
A ghaoil nuair thug mi gràdh dhut
Mo chridhe trom is duilich leam

Cuimhnich air do bhòidean rium
An steòrnabhagh a bha sinn
'S ann air taobh muigh an royal
Chug thu bòid dhomh nach do phàigh thu
Mo chridhe trom is duilich leam

Chuimhnich air do bhriathran rium
Di-caidain sios am bràighe
Nach fhaiceadh dia na daoine
Bean mo chaochlaidh air do ghàirdean
Mo chridhe trom is duilich leam

Ma 'se 's gun tug thu fuath dhomh
'S a luaidh ma rinn thu m'fhàgail
Chan fhad gun dèan an sluagh
Anns a' chiste fhuair mo chàradh
Mo chridhe trom is duilich leam

Tracker