notícias musicais

top 13 artistas

top 13 musicas

Confira a Letra A' Mhàiri Bhòidheach

Dóchas

A' Mhàiri Bhòidheach

A mhàiri bhòidheach, 's a mhàiri ghaolach
A mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort
A mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi
'S a dh'fhàg mi brònach gun dòigh air t'fhaotainn

A mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort
Gur tric mi cuimhneachadh ort 's mi m'aonar
Ged a shiùbhlainn gach ceum den t-saoghal
Bidh t'ìomhaigh bhòidheach tighinn beò gach taobh dhìom

'S truagh nach robh mi's mo mhàiri bhòidheach
Ann an gleannan faoin is ceò air
'S ged bu rìgh mi's an roinn eòrpa
Chan iarrainn pòg ach bho mhàiri bhòidheach

Ach chithear fèidh air a sgèith 's na speuran
Chithear iasg air àird nan slèibhtean
Chithear sneachda dubh air geugan
Mu'm faicear caochladh tighinn air mo spèis dhut

Guma slàn do mo mhàiri bhòidheach
Ge b'e àite sam bi a còmhnaidh
'S e mo dhùrachd cho fad 's is beò mi
Gum bi gach sòlas aig màiri bhòidheach

A mhàiri bhòidheach, 's a mhàiri ghaolach
A mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort
A mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi
'S a dh'fhàg mi brònach gun dòigh air t'fhaotainn

Tracker