notícias musicais

top 13 artistas

top 13 musicas

Confira a Letra Waulking Song

Dóchas

Waulking Song

'S na horo hì hoireannan
Horo chall eile
'S na horo hì hoireannan

Gura mis' tha fo mhulad
Air an tulaich 's mòr m' èislean

Chunna mise mo leannan
Cha do dh'aithnich e 'n dè mi

Cha do dh'fhidir, 's cha d' fharraid
Cha do ghabh e dhìom sgeula

Chunna mise dol suas thu
Gu buaile na sprèidhe

'S ann a ghabh e orm seachad
Air each glas nan ceum eutrom

Air each glas nan ceum lùthmhor
'Ghearradh sùnndach an fhèithe

Tha mo leanabh nam achlais
'S mi gun taice fo'n ghrèin dha

Cha bu mhise bu choireach
'S ann bu choireach e fhèin ris

Mar a thèid mi 'nam ònar
'G iarraidh lòn air gach tè dha

Tracker