notícias musicais

top 13 artistas

top 13 musicas

Confira a Letra Na Hu O Ho

Fiona Kennedy

Na Hu O Ho

Na hù o hi, na hù o hò
Hu o ù o eile
Na hù o hi, na hù o hò
Nach truagh leat mi 's tu 'n Èirinn

'S ann their iad rium on chaidh thu null
Gum bi thu tric aig fèilltean
'S gum bi thu cuspaireachd le mùirn
Ri Màili ruadh an Èirinn

Ged sheòladh tu air feadh a' chuain
'S ged ruigeadh tu an Èiphit
Cha thrèiginn thu air sgàth do chliù
'S cha toirinn gèill do bhreugan

O nach robh agam sgiathan caol
Gun siùbhlainn thar na slèibhtean
Gu seinninn-sa mo dhuanag gaoil
Ri fear tha tàmh an Èirinn

Tracker