notícias musicais

top 13 artistas

top 13 musicas

Confira a Letra Waulking Set

Ishbel MacAskill

Waulking Set

Dheidhinn dhan a' ghealaidh leat
Nan geallach tu mo phòsadh

Fill-iù oro hù o
Bu tu mo chruinneag bhòidheach
Fill-iù oro hù o

Dheidhinn leat dha na rionnagan
Nam bitheadh do chuideachd deònach

Dheidhinn leat a dh'Èirinn
Gu fèill nam ban òga

Dheidhinn leat a dh'Uibhist
Far am buidhicheadh an t-eòrna

Hè mo leannan, hò mo leannan
Se mo leannan am fear ùr
Hè mo leannan, hò mo leannan

Se mo leannan gille Calum
"Carpenter" an daraich thu

Se mo leannan am fear donn
A thogadh fonn 's an taigh-chiùil

Se mo leannan am fear dualach
Air an d'fhàs an cuailean dlùth

Se mo leannan saor an t-sàbhaidh
Leagadh lobhta làir gu dlùth

Hèman dubh 's truagh nach tigeadh
Hèman dubh siud gam iarraidh
Hèman dubh gille 's litir
Hi ri o ro each 's diallaid
Hèman dubh hi ri o ro ho ro hu o

Hèman dubh 's mise a dh'fhalbhadh
Hèman dubh null air sàile
Hèman dubh le mo leannan
Hi ri o ro 's cha bhiodh dàil ann
Hèman dubh hi ri o ro ho ro hu o

Hèman dubh nam bitheadh agam
Hèman dubh sgiath a' ghlaisein
Hèman dubh iteag nan eòin
Hi ri o ro spòg na lachainn
Hèman dubh hi ri o ro ho ro hu o

Hèman dubh iteag nan eòin
Hèman dubh spòg na lachainn
Hèman dubh shnàmhainn na caoil
Hi ri o ro air an tarsainn
Hèman dubh hi ri o ro ho ro hu o

Hèman dubh shnàmhainn na caoil
Hèman dubh air an tarsainn
Hèman dubh an Cuan Ìleach
Hi ri o ro 's an Caol Arcach
Hèman dubh hi ri o ro ho ro hu o

Hèman dubh an Cuan Ìleach
Hèman dubh 's an Caol Arcach
Hèman dubh 's rachainn a-steach
Hi ri o ro chun a' chaisteal
Hèman dubh hi ri o ro ho ro hu o

Hèman dubh 's rachainn a-steach
Hèman dubh chun a' chaisteal
Hèman dubh 's bheirinn a-mach
Hi ri o ro às mo leannan
Hèman dubh hi ri o ro ho ro hu o

Hèman dubh 's bheirinn a-mach
Hèman dubh às mo leannan
Hèman dubh 's chan fhoighnichinn
Hi ri o ro cò bu leis i
Hèman dubh hi ri o ro ho ro hu o

Hèman dubh

Tracker