notícias musicais

top 13 artistas

top 13 musicas

Confira a Letra A' Bhriogais Uallach

James Graham

A' Bhriogais Uallach

Leis a' bhriogas uallaich, horo-o hì
Leis a' bhriogais uallaich, ho ri ho rò
Briogais an duin' uasail, horo-o hì
'S iomadh duine chual i nach robh na còir

Siod a' bhriogais fhasanta, horo-o hì
Bhriogais a bha agamsa, ho ri ho rò
Bha i muthas fada dhomh, ho ri ho rò
'S gad a chanainn farsaing air a h-uile dòigh

'S chaidh mi chun an tàillier, horo-o hì
'S gun gearradh e pàirt dhi, ho ri ho rò
Thuirt e airson pàigheadh, horo-o hì
Gun deanadh e dhà air na bh' innte chlò

Cha robh innt ach diùbhaidh, horo-o hì
B' fharsuing anns a' chùl i, ho ri ho rò
Gad a rachadh triùir innt', horo-o hì
Ghabhadh i co dhiùbh 'ad, gu brith an còrr

Saoil nach robh i cunnartach, horo-o hì
Nuair a chuir mi umam i, ho ri ho rò
Shaoil iad nach robh duin' innte, horo-o hì
Gus an cual 'ad bruidhinn agus thuirt iad "ò"

Tracker