notícias musicais

top 13 artistas

top 13 musicas

Confira a Letra Och Òin Mo Chailinn

James Graham

Och Òin Mo Chailinn

Dh' eirich mi moch air mhaduinn an de
'S gun gheàrr mi'n ear-thalmhainn do bhrìgh mo sgeil
An dùil gu 'm faicinn fhèin rùn mo chleibh
Och òin gu 'm faca 's a cùl rium fèin

Och òin mo chailinn 's mo shùil ad dhèidh
Och òin mo chailinn 's mo shùil ad dhèidh
Mo lili mo lili 's mo shùil ad dhèidh
Cha leur dhomh am beallach aig cumha nan deur

Na'm biodh sud agam mo lùth 's mo leum
Mi 'm shuidh air a bheallach 's mo chù air èill
Gun deanainn-sa cogadh gu làidir treun
Mu'n leiginn mo leannan le fear tha fo'n ghrein

Tha mulad orm-sa is fiabhras mòr
O chualas gu 'n deach' thu le brian a dh'òl
Mo chomunn cha deanain ri mnaoi tha san fheòil
O rinn thu mo thrèigsinn 's mi fhèin a bhith beò

O chan eil uiseag no aoilinn bhàn
Am bàrr a' chaisteil far robh mi 's mo ghràdh
Nach bheil ri tuireadh do'oidhche 's do là
O chual iad gun ghlacadh mo chailinn air làimh

Nan tigeadh tu 'm baile le d' ghille 's le t-each
Gu'm fosglainn an dorus 's gu leiginn thu 's teach
Gu'n deanainn do leapa 's gu'n laidhinn fhèin leat
'S cha b'fhad leinn an oich'ged bhiodh mìos innt air fad

Och òin mo chailinn 's mo shùil ad dhèidh
Och òin mo chailinn 's mo shùil ad dhèidh
Mo lili mo lili 's mo shùil ad dhèidh
Cha leur dhomh am beallach aig cumha nan deur

Mo lili mo lili 's mo shùil ad dhèidh
Cha leur dhomh am beallach aig cumha nan deur

Tracker