notícias musicais

top 13 artistas

top 13 musicas

Confira a Letra Òran Tàlaidh Na Mnà-sìdhe

Kathleen MacInnes

Òran Tàlaidh Na Mnà-sìdhe

'S e mo leanabh mingiliseach
Maingiliseach, bualadh nan each
Glac nan lùireach, nan each cruidheach
'S nan each snagach, mo leanabh beag
'S truagh nach fhaicinn fhèin do bhuaile
Gu h-àrd, àrd air uachdair slèibhe
Còta caol ceiteineach uaine
Mud dhà ghualainn ghil is lèine, mo leanabh beag
'S truagh nach fhaicinn fhèin do sheisreach
Fir na dèidh
MnàI còmhdhail a' tighinn dhachaigh
'S na catanaich a' cur shìl

O mhìlidh bhog, o mhìlidh bhog
O mhìlidh bhog
Mo bhrù a rug, mo chìoch a shluig
Mo ghlùin a thog
'S e mo leanabh m' ultach iubhair
Sultmhor reamhar, mo luachair bhog
M' fheòil is m' uighean
A nì bhruidhinn
Bha thu fo mo chrios anuiridh
Lus an toraidh
'S bidh tu 'mbliadhna gu geal guanach
Air mo ghualainn feadh a' bhaile, mo leanabh beag

Obh I rinn obh o, na cluinneam do leòn
Obh I rinn obh o, gun liath thu air chòir
Obh I rinn obh o, gum bioraich do shròn
Obh I rinn obh o, gun teirig do lò
Obh I rinn obh inn thu, chan ann o chlann choinnich thu
Bhi rinn obh inn thu, chan ann o chlann chuinn thu
Bhi rinn obh inn thu, sìol as dorcha leinn thu
Sìol nan leòdach nan lann 's nan lùireach
B' e lochlann dùthchas do shinnsir

Discografia Tracker