notícias musicais

top 13 artistas

top 13 musicas

Confira a Letra A' Mhaighdeann Bharrach

Maggie MacInnes

A' Mhaighdeann Bharrach

Cluinnidh mi thar uchd na mara
Ard os cionn na gaoith ri gaillinn
Torman beag an cois a'chladaich
Mionaghallan na maighdinn bharraich

Seachad ciosmul a'chaisteil
Eithrichean a' ruith le astar
Fàth mo bhròin tha aon tè
Dh'aindheoin m'ùrnaighean nach tìll gu acair

Cha dean sinne ghaolaich chiataich
Mànran ri chòile gu siorruidh
Gruagach na stuadh ghabh I miann ort
Shuain I cuailein ort na liaghain

Ionndrainn mo leannainn ga mo riasladh
Mar fhraoch geamhraidh tha mi ciaradh
Speireid beatha dh'fhalbh e, chrion e
Dh'fhalbh an gaol 's an òig gu siorruidh

Cluinnidh mi thar uchd na mara
Ard os cionn na gaoith ri gaillinn
Torman beag an cois a'chladaich
Mionaghallan na maighdinn bharraich

Discografia Tracker