notícias musicais

top 13 artistas

top 13 musicas

Confira a Letra Chan E Caoidh Mhic Shiridh

Maggie MacInnes

Chan E Caoidh Mhic Shiridh

Chan e caoidh Mhic Shiridh
Dh'fhàg an dil' air mo ghruaidh

Hu o ro hu o
Ho ro o hi o hi o
Hu o ro hu o

Chan e caoidh mo leannain
Ged a dh'fhanadh e bhuam

Ach a'caoidh mo bhràthair
Chaidh a bhàthadh 's a'chuan

'S duilich leam do chùl chlannaich
Bhith 's an fheamainn 'ga luadh

'S duilich leam do gheal dheudan
Bhith' ga' reubadh 's a'chuan

Tha do leabaidh gun chàradh
'S fhad' o'n dh'fhàg thu i fuar

Cha tèid mise ga càradh
Tha thu ghràidh ro fhad' bhuam

'S tric mo shùil air an Rubha
Bhon bhruthach ud shuas

Fiach am faic mi seòl brèidgheal
Latha grèine 's a chuan

Discografia Tracker