notícias musicais

top 13 artistas

top 13 musicas

Confira a Letra Dh'fhalbh Mo Run 'S Dh'fhag E 'N Cala

Maggie MacInnes

Dh'fhalbh Mo Run 'S Dh'fhag E 'N Cala

Sèist:
Dh'fhalbh mo rùn 's dh' fhàg e 'n cala
Dh'fhalbh mo rùn e ho o hiu
Thog e na siùil ùr ri crannan
Dh'fhalbh mo rùn 's dh' fhàg e 'n cala

Dh'fhalbh mo leannan 'uam a Ile
Air long rìomhach nan tri crannan

Dh'fhalbh mo leannan 'uam a dh'Eireann
'S as a dhèidh cha bhi mi fallain

Chuala mi gun d'rinn thu rèiteach
'S gu dè feum a bh'a's a' ghealladh?

Chuala mi gun d'rinn thu pòsadh
'S cha d' dh' fheòraich thu mi gu d'bhanais

Chaneil unnam ach nighneag òg
Is gur e seòladair mo leannan

Thuirt na mnathan gur e 'm beud e
Gun tug mi mo speìs dhan mharaich'

Mo run an Leatheanach Ban
'S ann dhut thug mi mo ghràdh 's mo ghealladh

Discografia Tracker