notícias musicais

top 13 artistas

top 13 musicas

Confira a Letra Fhir An Leadain Thlath

Maggie MacInnes

Fhir An Leadain Thlath

Fhir a leadain thlàth
Dh'fhàg thu mi fo bhròn

Fhir chul dualaich chleachdaich
'S bòidhche snuadh ri fhaicinn
Tha do ghaol an tasgaidh
'N seòmar glaist' 'nam fheòil

Fhir a leadain chraobhaich
B'òg a rinn thu m'aomadh
Thug thu mi o m'dhaoine
A fhuair mo shaothair òg

Fhir a leadain laghaich
'S tu mo rùn 's mo roghainn
Nan sguireadh tu thaghail
'S an tigh 's am bi'n t-òl

An toiseach a' gheamhraidh
'S ann a ghabh mi geall ort
Shaoil leam gum bu leam thu
'S cha do sheall thu'm chòir

'N gàire rinn mi'n uiridh
Chuir mo cheum an truimead
'S mise tha gu duilich
'S muladach mo cheòl

Tha mi trom an dràsd'
'S e sin fàth mo dheòir
Fhir a leadain thlàth
Dh'fhàg thu mi fo bhròn

Discografia Tracker