notícias musicais

top 13 artistas

top 13 musicas

Confira a Letra Oran do Dh'eilean Mhiughalaigh

Maggie MacInnes

Oran do Dh'eilean Mhiughalaigh

Bi m’aigne fhèin a gabhail reug
Air siubhal sgèith mo smaointinnean
Ag aiseag spèis o ghrunnd mo chlèibh
Gu sgeireig èidich aonaraich
Far an tug mo mhàthair ghràidh
A dh’ àireamh chlann nan daoine mi
Is far an iarrainn fois a bhàis
Na’m biodh e’n dàn dhomh fhaotainn ann

Is tric a dh’èisd mi gàir’ nan tonn
Ri cladach lom nan caolasan
Is m’aigne fhèin cho rèidh ri phong
’S mo chridhe trom a’smaointinn air
A’ liuthad car a chaidh de’n t-sruth
O’n chruthaicheadh an saoghal seo
Air ais ’s air aghaidh gus an diugh
Is fuaim a ghuth gun chaochladh air

Is tric air feasgar Chèitein chiùin
’S gun leam ach speil de dh’ fhaoileagan
A shuidh’ mi greis gun mòran suim
Air binneag druim na h-aonaige
An àm do’n ghrèin bhith dol ’sa chuan
Bu mhaiseach snuadh a h-aodainn leam
’S ged rinn I mìle mìle cuairt
Cha tàinig tuar na h-aois’ oirre

De’n teaghlach ghreadhnach shuidh’ gach oidhch’
Mu’n chagailt cruinn bha naoinear ann
Chanail an diugh air lom an tuinn
Ach mis’ a caoidh ’nam aonaran
Tha’n trathach gorm mu’n teinntein fuar
Gun beo mun cuairt ach caoraich air
Is luchd mo ghraidh nan seomar suain
Is glasan buan an aoig orra

Tha chreagan corrach sgorrach ciar
Is trusgan liath na h-aois orra
Ag èirigh suas mar bhalla dion
An aghaidh sian nam faoillichean
Ged thug gailleann gart is greann
Air bharr nam meall ’s na’ maolaidhean
Tha cluaintean fasgach ’n achlais bheann
Is dreach an t- samhraidh daonnan orr’

Discografia Tracker