notícias musicais

top 13 artistas

top 13 musicas

Confira a Letra Thig An Smeorach As t-Earrach

Maggie MacInnes

Thig An Smeorach As t-Earrach

Thig an smeòrach as t-earrach
Thig a' chuthag 's a' chèitein
'S bidh gach eun anns an doire
Cumail coinneamh ri chèile
Seinn ciùil air bhàrr chrannaibh
'S air bharraibh nan geugan
Agus mise 's mo leannan
Dol nas fhaide bho chèile

Tha mo chìnn air an fhleasgach
Dhonn leadannach bhòidheach
Dhan a chinneadh nach strìochdadh
'S e de iarfhuil chlann dòmhnaill
'S mòr gum b'fhearr dhut mi agad
Le beagan de stòras
Na le buaile chrodh ballach
Agus cailinn nach b'eòlach

Comhairle bheirinns' air caileig
Gun bhith amaideach gòrach
Gun I thoirt a gaol falaich
Do bhalach nach b'eòlach
Bidh e briathrach ri tighinn
'S bidh a chridhe gu reòdhte
'S bidh a shùil a's a dhèidh
Ach cò an roghainn as bòidhche

Thig an smeòrach as t-earrach
Thig a' chuthag 's a' chèitein
'S bidh gach eun anns an doire
Cumail coinneamh ri chèile
Seinn ciùil air bhàrr chrannaibh
'S air bharraibh nan geugan
Agus mise 's mo leannan
Dol nas fhaide bho chèile

Discografia Tracker