notícias musicais

top 13 artistas

top 13 musicas

Confira a Letra Blàr Inbhir Lòchaidh

Mary Jane Lamond

Blàr Inbhir Lòchaidh

'S gur e mise th' air m'aineol
Na I ri ri si ri o ro
O gur mise th' air mo leònadh
Na I ro ri o ho

O gur mise th' air mo leònadh
Na I ri ri si ri o ro
Bho latha blàr inbhir lòchaidh
Na I ro ri o ho

Bho latha blàr inbhir lòchaidh
Na I ri ri si ri o ro
Fo ruaig nan èireannach dòithte
Na I ro ri o ho

Fo ruaig nan èireannach dòithte
Na I ri ri si ri o ro
Thàinig a dh' albainn gun stòras
Na I ro ri o ho

Thàinig a dh' albainn gun stòras
Na I ri ri si ri o ro
Le bhi dh'earrasair an cleòcaibh
Na I ro ri o ho

Le bhi dh'earrasair an cleòcaibh
Na I ri ri si ri o ro
Thug iad spionnadh do chlann dhòmhnuill
Na I ro ri o ho

Thug iad spionnadh do chlann dhòmhnuill
Na I ri ri si ri o ro
Mharbh iad m' athair is m' fhear pòsda
Na I ro ri o ho

Mharbh iad m' athair is m' fhear pòsda
Na I ri ri si ri o ro
Mo thriùir mhacanan òga
Na I ro ri o ho

Mo thriùir mhacanan òga
Na I ri ri si ri o ro
'S mo cheathrar bhràithrean gan stròiceadh
Na I ro ri o ho

'S mo cheathrar bhràithrean gan stròiceadh
Na I ri ri si ri o ro
Loisg iad mo chuid coirc' is eòrna
Na I ro ri o ho

Loisg iad mo chuid coirc' is eòrna
Na I ri ri si ri o ro
Mharbh iad mo chrodh mór gu feòlach
Na I ro ri o ho

Mharbh iad mo chrodh mór gu feòlach
Na I ri ri si ri o ro
'S mo chaoraich gheala gan ròsladh
Na I ro ri o ho

'S mo chaoraich gheala gan ròsladh
Na I ri ri si ri o ro
Gur e mi a th'air mo leònadh
Na I ro ri o ho

Tracker