notícias musicais

top 13 artistas

top 13 musicas

Confira a Letra Ruith Na Gaoith

Rachel Walker

Ruith Na Gaoith

Tha do shùilean a tàladh mar fhàil òir
Cho soilleir, cho sìtheil, cho prìseil thar glòir
'S do bhòidhchead gun choimeas mar eal' air a chuan
O, mhàiri-eilidh, 's tu mo rùn

'S bidh gillean a bhaile a radh, "tha thu faoin
Chan eil I ach mar nathair, a' mealladh gun smaoin"
Ach tha mo dhìlseachd cho domhainn gun ghrùnnd
Gun fhois, gun iomall, gun chadal, 's gun sunnd

'S ge daor do phògan 's cruaidh do chrìdh'
'S ge daor do bhòidean briathran gun bhrìgh
Latha 's a dh'oidhche tha m'anam gun sìth
'S ge daor do phògan, leanaidh mi

On a chunnaic mi do mhaise, tha m' aigne gun tàmh
Long mo thuigse gun sheòl 's gun ràmh
'S ged tha mi a' tagradh, cha ghabh thusa ùidh
O, mhàiri-eilidh, 'eil mi ruith na gaoith?

'S ge daor do phògan 's cruaidh do chrìdh'
'S ge daor do bhòidean briathran gun bhrìgh
Latha 's a dh'oidhche tha m'anam gun sìth
'S ge daor do phògan, leanaidh mi

Tracker